Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 29:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

51 Iomraidhean Croise  

Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.

Agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Abram on Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn:

Agus thubhairt Abram ri rìgh Shòdoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearna, an Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn,

Air an adhbhar sin bheannaich Daibhidh an Tighearna ann am fianais a’ cho-chruinneachaidh uile: agus thubhairt Daibhidh, Guma beannaichte thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n‑athair, gu saoghal nan saoghal.

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh?

Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor-sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù.

As an àird a tuath thig soineann: aig Dia tha mòrachd uamhasach.

Tha an Tighearna na Rìgh gu saoghal nan saoghal; sgriosadh na cinnich a‑mach as a thìr.

Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile.

Beannaich an Tighearna, O m’anam! A Thighearna mo Dhia, tha thusa ro‑mhòr; le urram agus mòralachd tha thusa air do sgeadachadh.

Ardaichidh mi thu, mo Dhia, mo Rìgh, agus beannaichidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal.

Agus labhraidh daoine air neart do bheartan uamhasach, agus aithrisidh mise do mhòrachd.

Bi air d’àrdachadh, a Thighearna, ann ad neart; seinnidh sinne agus molaidh sinn do chumhachd.

Tha guth an Tighearna cumhachdach; tha guth an Tighearna làn mòralachd.

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

Chruinnicheadh uachdarain nan sluagh le chèile, sluagh Dia Abrahàim; oir is le Dia sgiathan na talmhainn; tha e air àrdachadh gu mòr.

Ardaich thu fhèin os cionn nan nèamh, a Dhè; do ghlòir os cionn na talmhainn uile.

Ardaich thu fhèin os cionn nan nèamh, a Dhè; do ghlòir os cionn na talmhainn uile.

Dheasaich iad lìon fa chomhair mo cheum; chrom iad m’anam sìos; chladhaich iad sloc romham; thuit iad fhèin na mheadhon. Selah.

Is leatsa na nèamhan; mar an ceudna is leat an talamh; shuidhich thusa an cruinne-cè agus a làn.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; biodh aiteas air an talamh; dèanadh na h‑eileanan lìonmhor gàirdeachas.

Oir tha thusa, a Thighearna, àrd os cionn na talmhainn uile; tha thu air d’àrdachadh gu mòr os cionn nan uile dhiathan.

O seinnibh don Tighearna laoidh nuadh, oir rinn e nithean iongantach; dh’obraich a dheaslàmh agus a ghàirdean naomh slàinte dha.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh.

Agus anns an là sin their sibh, Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm; cuiribh an cèill a ghnìomharan am measg nan cinneach; cumaibh air chuimhne gu bheil a ainm air àrdachadh.

Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?

Rinn mise an talamh, an duine agus an t‑ainmhidh a tha air aghaidh na talmhainn, lem mhòr-chumhachd, agus lem ghàirdean sìnte a‑mach; agus cò air bith dom facas iomchaidh leam a thabhairt, dhàsan thug mi e.

Fhreagair Daniel, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh ainm Dhè gu saoghal nan saoghal; oir is leis-san gliocas agus cumhachd.

Cia mòr a chomharraidhean! Agus cia cumhachdach a mhìorbhailean! A rìoghachd-san is rìoghachd shìorraidh i, agus tha a uachdaranachd o linn gu linn.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

Agus fògraidh iad thu o dhaoine, agus bidh do chòmhnaidh le beathaichean na machrach: bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

A‑nis don Rìgh shìorraidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach, do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu saoghal nan saoghal. Amen.

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Feuch, tha àirc coicheangal Tighearna na talmhainn uile a’ dol thairis romhaibh do Iòrdan.

Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.

Don Dia a tha a‑mhàin glic, ar Slànaighear, gu robh glòir agus mòralachd, neart agus cumhachd, a‑nis agus air feadh nan uile linn. Amen.

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:

Agus mar an ceudna cha dèan Neart Israeil breug, agus cha ghabh e aithreachas; oir cha duine e gun gabhadh e aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan