1 Eachdraidh 28:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.
Eisd thusa o na nèamhan, d’àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut: air chor is gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm-sa, a‑chum gum bi eagal orra romhad mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gu bheil an taigh seo a thog mise air ainmeachadh ort.
Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus marc-shluagh iarraidh air an rìgh, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t‑slighe: a chionn gun do labhair sinn ris an rìgh, ag ràdh, Tha làmh ar Dè a‑chum maith orrasan uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus a fhearg nan aghaidh-san uile a thrèigeas e.
Agus bidh mise air m’fhaotainn leibh, deir an Tighearna, agus tillidh mi air a h‑ais ur bruid, agus cruinnichidh mi sibh o na h‑uile chinnich, agus o gach uile àite gus an d’fhògair mi sibh, deir an Tighearna; agus bheir mi sibh a‑rìs a‑chum an àite on do chuir mi air falbh sibh ann am braighdeanas.
Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.