1 Eachdraidh 28:8Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis uime sin guidheam oirbh ann an sealladh Israeil uile, co‑chruinneachadh an Tighearna, agus ann an èisdeachd ar Dè‑ne, gleidhibh agus iarraibh uile àitheantan an Tighearna ur Dia: a‑chum gun sealbhaich sibh am fearann math seo, agus gum fàg sibh e mar oighreachd dur cloinn nur dèidh gu bràth. Faic an caibideil |
Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.