Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Os bàrr, daingnichidh mi a rìoghachd gu bràth, ma bhios esan seasmhach a choileanadh m’àitheantan agus mo bhreitheanais, mar air an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Oir thachair, ann an àm seann aois Sholaimh, gun do chlaon a mhnathan a chridhe an dèidh dhiathan eile: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh a athair.

Agus ma dh’imicheas tu ann am shlighean-sa, a ghleidheadh mo reachdan, agus m’àitheantan, mar a dh’imich Daibhidh d’athair, an sin nì mi do làithean fada.

Biodh ur cridhe uime sin iomlan leis an Tighearna ar Dia, a ghluasad na reachdan, agus a ghleidheadh a àitheantan, mar air an là‑an‑diugh.

An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

Thoir an aire a‑nis, oir thagh an Tighearna thu gu taigh a thogail don ionad naomh; bi làidir agus dèan e.

A‑nis uime sin guidheam oirbh ann an sealladh Israeil uile, co‑chruinneachadh an Tighearna, agus ann an èisdeachd ar Dè‑ne, gleidhibh agus iarraibh uile àitheantan an Tighearna ur Dia: a‑chum gun sealbhaich sibh am fearann math seo, agus gum fàg sibh e mar oighreachd dur cloinn nur dèidh gu bràth.

Ma choimheadas do chlann mo choicheangal agus mo theisteas, a theagasigeas mi dhaibh, suidhidh mar an ceudna an clann-san air do rìgh-chathair gu bràth.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan