Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Imich, agus gabh a‑steach gu rìgh Daibhidh, agus abair ris, Nach tug thusa, mo thighearna, a rìgh, mionnan dod bhanoglaich, ag ràdh, Gu deimhinn rìoghaichidh Solamh do mhac ann am dhèidh-sa agus suidhidh e air mo rìgh-chathair-sa? Carson mas eadh a tha Adoniah a’ rìoghachadh?

Agus a‑nis mo thighearna, a rìgh, tha sùilean Israeil uile ort, a‑chum gun innseadh tu dhaibh cò a shuidheas air rìgh-chathair mo thighearna an rìgh na dhèidh fhèin.

Amhail mar a mhionnaich mi dhut air an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn rìoghaichidh do mhac Solamh ann am dhèidh-sa, agus suidhidh e air mo rìgh-chathair ann am àite; gu cinnteach is ann mar sin a nì mi an‑diugh.

An sin thig sibh a‑nìos na dhèidh, agus thig esan, agus suidhidh e air mo rìgh-chathair-sa, agus rìoghaichidh e ann am àite: agus dh’àithn mise e a bhith na cheannard air Israel, agus air Iùdah.

Agus thubhairt esan, Tha fhios agad gum bu leamsa an rìoghachd, agus gun do chuir Israel uile an aghaidh orm, a‑chum gun rìoghaichinn: gidheadh, thionndaidheadh an rìoghachd mun cuairt, agus fhuair mo bhràthair i; oir bu leis-san on Tighearna i.

Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e; agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi taigh do ainm an Tighearna, Dia Israeil.

Agus suidhichidh mi e ann am thaigh agus ann am rìoghachd gu bràth: agus bidh a rìgh-chathair daingeann gu bràth.

A‑nis nuair a bha Daibhidh sean agus làn de làithean, rinn e Solamh a mhac na rìgh air Israel.

Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho-chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt.

Agus shuidh Solamh ann an cathair rìoghail an Tighearna mar rìgh an àite Dhaibhidh a athair, agus shoirbhich leis, agus bha Israel uile umhail dha.

Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite.

Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh-chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.

Cuiridh tu, air gach aon chor, esan na rìgh os do chionn a thaghas an Tighearna do Dhia; aon o mheasg do bhràithrean cuiridh tu na rìgh os do chionn: chan fhaod thu coigreach a chur os do chionn, nach eil na bhràthair dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan