Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna òr glan a‑chum nan greimichean feòla, agus nan cuach, agus nan cupan: agus a‑chum nan soitheach-ionnlaid òir, òr air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid; agus airgead air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid airgid:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bha uile shoithichean-òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh aon dhiubh de airgiod; cha robh meas air bith dheth ann an làithean Sholaimh.

Agus òr air chudthrom a‑chum bòrd an arain thaisbeanta, a‑chum gach bùird, agus airgead a‑chum nam bòrd airgid:

Agus a‑chum altair na tùise òr fìorghlan air chudthrom; agus òr fa chomhair samhladh carbad nan cerub, a sgaoil a‑mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coicheangal an Tighearna.

Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean-teine: a soithichean uile nì thu de umha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan