Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus òr air chudthrom a‑chum bòrd an arain thaisbeanta, a‑chum gach bùird, agus airgead a‑chum nam bòrd airgid:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh an Tighearna: an altair de òr, agus am bòrd, air an robh aran na fianais, de òr:

Eadhon an cudthrom a‑chum nan coinnleir òir, agus a‑chum an lòchranan òir, air chudthrom a‑chum gach coinnleir agus a lòchranan: a rèir feum gach coinnleir.

Mar an ceudna òr glan a‑chum nan greimichean feòla, agus nan cuach, agus nan cupan: agus a‑chum nan soitheach-ionnlaid òir, òr air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid; agus airgead air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid airgid:

Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh Dhè, agus an altair òir, agus na bùird air an robh aran na fianais;

Agus rinn e deich bùird, agus chuir e iad anns an teampall, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì: agus rinn e ceud cuach òir.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan