Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna a‑thaobh roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach, agus a‑thaobh uile obair seirbhis taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile shoithichean-seirbhis ann an taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus roinn Daibhidh iad nan roinnean eadar mic Lèbhi, eadhon Gerson, Cohat, agus Merari.

A‑thaobh òir air chudthrom a‑chum nithean òir, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis; a‑thaobh airgid a‑chum uile innealan airgid air chudthrom, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis:

Agus, feuch, roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach maille riut a‑chum uile sheirbhis taigh Dhè, agus maille riut a‑chum gach uile ghnè obrach, gach duine toileach tùrail fa chomhair gach uile ghnè sheirbhis; agus na ceannardan agus an sluagh gu h‑iomlan freagarrach dod àitheantan uile.

Chuireadh cuid dhiubh mar an ceudna os cionn nan soithichean, agus os cionn uile innealan an ionaid naoimh, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h‑ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh.

Agus air a’ cheathramh là thomhaiseadh an t‑airgead agus an t‑òr agus na soithichean ann an taigh ar Dè, le làimh Mheremoit mhic Uriah an sagart, agus maille ris bha Eleàsar mac Phinehais, agus maille riùsan Iosabad mac Iesua, agus Noadiah mac Bhinui, Lèbhithich:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan