Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan-ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan-taisgidh nan nithean coisrigte:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis eadhon an t‑iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh.

Agus thug e a‑steach na nithean a naomhaich a athair, agus na nithean a naomhaich e fhèin, do thaigh an Tighearna, airgead, agus òr, agus soithichean.

Agus ghabh Asa an t‑airgead agus an t‑òr uile a dh’fhàgadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus thug e iad an làimh a sheirbhiseach: agus chuir rìgh Asa iad gu Ben-hadad mac Thabrimoin mhic Hesioin rìgh Shiria, a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, ag ràdh,

Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair; eadhon an t‑airgead, agus an t‑òr, agus an t‑uidheam, chuir e am measg ionmhas taigh an Tighearna.

Agus ghabh Ahas an t‑airgead agus an t‑òr a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus chuir e e mar thìodhlac gu rìgh Asiria.

Agus thug Heseciah dha an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh.

Agus de na Lèbhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan taigh Dhè, agus os cionn ionmhasan nan nithean naomha.

An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac samhladh an sgàth-thaighe, agus a thaighean, agus a ionadan-ionmhais, agus a sheòmraichean uachdarach, agus a sheòmraichean an leth a‑staigh, agus àite na cathair-thròcair.

Seo uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearna orm a thuigsinn ann an sgrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile obraichean an t‑samhlaidh seo.

Agus feuch gun dèan thu iad a rèir an t‑samhlaidh a chaidh a leigeadh fhaicinn dhut anns an t‑sliabh.

Feuch, ghairm mi air a ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah;

Imich gu taigh nan Rechabach, agus labhair riu, agus thoir iad a‑chum taigh an Tighearna gu aon de na seòmraichean, agus thoir dhaibh fìon ra òl.

Ann an taisbeanadh Dhè thug e mi gu tìr Israeil, agus chuir e mi air sliabh ro‑àrd, làimh ris an robh amhail cumadh cathrach thall fa chomhair.

Agus bha na seòmraichean agus an dol a‑steach làimh ri puist nan geatachan, far an do nigh iad na tabhartasan-loisgte.

Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan