Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac samhladh an sgàth-thaighe, agus a thaighean, agus a ionadan-ionmhais, agus a sheòmraichean uachdarach, agus a sheòmraichean an leth a‑staigh, agus àite na cathair-thròcair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus thog e seòmraichean ris an taigh uile, còig làmhan-coille air àirde: agus leig iad an cudthrom air an taigh le fiodh seudair.

Agus an sgàth-thaigh air beulaibh teampall an taighe, b’e fichead làmh-choille a fhad, a rèir leud an taighe; agus deich làmhan-coille a leud, air beulaibh an taighe.

Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan-ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan-taisgidh nan nithean coisrigte:

Seo uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearna orm a thuigsinn ann an sgrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile obraichean an t‑samhlaidh seo.

Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub:

Agus rinn e dha seòmar mòr far an robh iad roimhe a’ cur an tabhartais-bhìdh, na tùise, agus nan soitheach, agus deicheamh an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola (a dh’òrdaicheadh do na Lèbhithich, agus don luchd-seinn, agus do na dorsairean), agus tabhartasan nan sagartan.

Agus feuch gun dèan thu iad a rèir an t‑samhlaidh a chaidh a leigeadh fhaicinn dhut anns an t‑sliabh.

A rèir gach nì a leigeas mise dhut fhaicinn, a rèir samhladh a’ phàillein, agus samhladh a àirneis uile, eadhon mar sin nì sibh.

Agus togaidh tu suas am pàillean a rèir a shamhlaidh, a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.

Imich gu taigh nan Rechabach, agus labhair riu, agus thoir iad a‑chum taigh an Tighearna gu aon de na seòmraichean, agus thoir dhaibh fìon ra òl.

Agus o aghaidh geata an dol a‑steach, gu aghaidh sgàth-thaigh a’ gheata a‑staigh, bha deich agus dà‑fhichead làmh-choille.

Agus air dha amharc suas, chunnaic e na daoine saoibhir a’ tilgeadh an tìodhlacan ann an àite-coimhead an ionmhais.

Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan