Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 28:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thoir an aire a‑nis, oir thagh an Tighearna thu gu taigh a thogail don ionad naomh; bi làidir agus dèan e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis mo thighearna, a rìgh, tha sùilean Israeil uile ort, a‑chum gun innseadh tu dhaibh cò a shuidheas air rìgh-chathair mo thighearna an rìgh na dhèidh fhèin.

Tha mise a’ dol air slighe na talmhainn uile: bi thusa uime sin làidir, agus dèan gu fearail:

An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.

Agus thubhairt e riu, Togaidh Solamh do mhac mo thaigh-sa agus mo lùchairtean; oir thagh mi e gu bhith na mhac agam, agus bidh mise ann am athair aigesan.

Eirich; oir dhutsa buinidh an nì seo, agus bidh sinne maille riut: gabh misneach, agus dèan e.

Thoir aire dhut fhèin, agus dod theagasg; buanaich annta: oir le seo a dhèanamh, saoraidh tu araon thu fhèin, agus iadsan a tha ag èisdeachd riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan