Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

B’e an ceathramh ceannard, fa chomhair a’ cheathramh mìos, Asahel bràthair Ioaib, agus Sebadiah a mhac na dhèidh: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Ioab mac Sheruiah agus seirbhisich Dhaibhidh a‑mach, agus choinnich iad a chèile aig lochan Ghibeoin: agus shuidh iad sìos, iad seo air aon taobh den lochan, agus iad siud air an taobh eile den lochan.

Bha Asahel bràthair Ioaib am measg an deich-ar‑fichead, Elhanan mac Dhodo, o Bhetlehem,

Mar an ceudna b’iad daoine treuna nan armailt, Asahel bràthair Ioaib, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem,

Seo am Benaiah ud a bha treun am measg an deich-ar‑fhichead, agus os cionn an deich-ar‑fhichead: agus na roinn-san bha Amisabad a mhac.

B’e an còigeamh ceannard, fa chomhair a’ chòigeamh mìos, Samhut an t‑Israhach: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan