Agus an dèidh Ahitopheil bha Iehoiada mac Bhenaiah, agus Abiatar. Agus b’e Ioab ceannard armailt an rìgh.
Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.
Agus bha coluadar aige ri Ioab mac Sheruiah, agus ri Abiatar an sagart: agus a’ leantainn Adoniah, rinn iad còmhnadh ris.
Agus thubhairt Daibhidh, Ge bè a bhuaileas na h‑Iebusaich an toiseach, bidh esan na cheannard agus na uachdaran. Agus chaidh Ioab, mac Sheruiah, suas an toiseach, agus bha e na cheannard.
Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;
B’e treas ceannard an t‑slòigh, fa chomhair an treasa mìos, Benaiah mac Iohoiada, àrd-shagart: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.