Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’e Ahitophel comhairleach an rìgh, agus Husai an t‑Architheach companach an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Absalom fios air Ahitophel an Gilonach, comhairliche Dhaibhidh, o a bhaile, eadhon o Ghiloh, nuair a bha e ag ìobradh ìobairtean: agus bha a’ cheannairc làidir; oir bha an sluagh a’ sìor dhol an lìonmhorachd maille ri Absalom.

Agus nuair a thàinig Daibhidh gu mullach an t‑slèibh, far an do rinn e adhradh do Dhia, feuch, thàinig Husai an t‑Arcach na choinneamh, le a chòta reubte, agus ùir air a cheann.

Uime sin thàinig Husai caraid Dhaibhidh don bhaile, agus thàinig Absalom gu Ierusalem.

Agus bha comhairle Ahitopheil a thug e seachad anns na làithean sin mar gum fiosraicheadh duine de fhacal Dhè: mar sin bha uile chomhairle Ahitopheil araon aig Daibhidh agus aig Absalom.

Agus nuair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air a asail, agus dh’èirich e, agus dh’imich e a dh’ionnsaigh a thaighe, da bhaile fhèin, agus thug e àitheantan da theaghlach, agus chroch e e fhèin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlacaidh a athar.

Agus Asariah mac Nàtain os cionn an luchd-dreuchd: agus Sabud mac Nàtain, an t‑àrd fhear-dreuchd, na charaid aig an rìgh:

Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair-athar Dhaibhidh na chomhairleach, na dhuine glic, agus na sgrìobhaiche: agus bha Ieheil mac Hachmoni maille ri mic an rìgh.

Ach thusa, fear a bu choimpire dhomh fhèin, fear m’iùil agus fear m’eòlais!

Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan