Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair-athar Dhaibhidh na chomhairleach, na dhuine glic, agus na sgrìobhaiche: agus bha Ieheil mac Hachmoni maille ri mic an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach bha aig Amnon caraid dom b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh: agus bha Ionadab na dhuine ro‑sheòlta.

Agus nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, e.

Agus is e seo àireamh nan daoine treuna a bha aig Daibhidh; Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir: thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm.

Ach nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan mac Shimea, bràthair Dhaibhidh, e.

Agus os cionn nan treud bha Iasis an t‑Hagereach. B’iad sin uile luchd-riaghlaidh na maoin a bu le rìgh Daibhidh.

Agus b’e Ahitophel comhairleach an rìgh, agus Husai an t‑Architheach companach an rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan