Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair-athar Dhaibhidh na chomhairleach, na dhuine glic, agus na sgrìobhaiche: agus bha Ieheil mac Hachmoni maille ri mic an rìgh.
Agus ann an làithean Shauil rinn iad cogadh ris na Hàgaraich, a thuit len làimh: agus chòmhnaich iad nam bùthan-san air feadh uile aghaidh na h‑àird an ear de Ghilead.
Fhuair mi òglaich agus banoglaich, agus rugadh seirbhisich am thaigh: bha mar an ceudna sealbh mòr bhuar agus threud agam, os cionn nan uile a bha romham ann an Ierusalem:
A‑nis bha duine àraidh de sheirbhisich Shauil an sin air an là sin, air a chumail an làthair an Tighearna; agus b’e a ainm Doeg, Edomach, am fear a b’àirde de na buachaillean a bhuineadh do Shaul.