Tha tìr na h‑Eiphit romhad; anns a’ chuid as fheàrr den fhearann thoir air d’athair agus do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail; gabhadh iad còmhnaidh ann am fearann Ghòsein; agus mas aithne dhut gu bheil nam measg daoine comasach, nì thu iad nan àrd-bhuachaillean air mo sprèidh-sa.
Agus làimh riùsan chàraich Melatiah an Gibeonach, agus Iadon am Meronotach, fir Ghibeoin agus Mhispah, gu ruig rìgh-chathair an uachdarain air an taobh seo den abhainn.
Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.