Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus os cionn nan craobh-ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal-hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dh’eug Saul, agus rìghich Bàal-hanan mac Achboir na àite.

Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na craobhan seudair thug e a bhith mar na craobhan sicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

Agus chaidh clann Israeil àireamh, agus bha iad uile an làthair, agus chaidh iad nan coinneamh: agus champaich clann Israeil fan comhair, mar dhà threud bheag ghobhar: ach lìon na Sirianaich an tìr.

Agus bha aig Solamh dà‑fhear-dheug de luchd-dreuchd os cionn Israeil uile, a bheathaich an rìgh agus a theaghlach: rè a mhìosa fhèin anns a’ bhliadhna bha e mar fhiachan air gach fear dhiubh a bheathachadh.

Agus os cionn nam fìonlios bha Simei an Ramatach: os cionn toradh nam fìonlios, fa chomhair nam fìon-thaisgeach, bha Sabdi an Siphmitheach.

Agus thug an rìgh air airgead agus air òr a bhith ann an Ierusalem mar na clachan, agus air na croinn seudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

Agus ruith e roimhe, agus streap e suas ann an craoibh shicamoir, a‑chum gum faiceadh e e; oir bha e gus an t‑slighe sin a ghabhail.

Agus Sàraim, agus Aditaim, agus Gederah, agus Gederotaim; ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Agus Gederot, Bet-dagon, agus Nàamah, agus Macedah: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan