Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus os cionn nam fìonlios bha Simei an Ramatach: os cionn toradh nam fìonlios, fa chomhair nam fìon-thaisgeach, bha Sabdi an Siphmitheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bha corraich mhòr air Phàraoh ri dithis de a sheirbhisich, ris an àrd-bhuidealair, agus ris an àrd-fhuineadair.

Agus os an cionn-san a rinn obair na machrach, ann an treabhadh an fhearainn, bha Esri mac Cheluib.

Agus os cionn nan craobh-ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal-hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas.

Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas.

Rinn mi obraichean mòra dhomh fhèin: thog mi dhomh fhèin taighean; shuidhich mi dhomh fhèin fìonliosan:

Agus comharraichidh sibh ur crìoch air an taobh an ear o Hasar-enan gu Sepham.

Agus ghairm Iosua da ionnsaigh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am britheamhan, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd air m’aghaidh ann am bliadhnachan:

Agus dhaibhsan a bha ann an Aroer, agus dhaibhsan a bha ann an Siphmot, agus dhaibhsan a bha ann an Estemoa,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan