Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus os an cionn-san a rinn obair na machrach, ann an treabhadh an fhearainn, bha Esri mac Cheluib.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus os cionn ionmhasan an rìgh bha Asmabhet mac Adieil: agus os cionn nan taigh-tasgaidh anns na machraichean, anns na mòr-bhailtean, agus anns na frith-bhailtean, agus anns na tùran, bha Iehonatan mac Udsiah.

Agus os cionn nam fìonlios bha Simei an Ramatach: os cionn toradh nam fìonlios, fa chomhair nam fìon-thaisgeach, bha Sabdi an Siphmitheach.

Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas.

A‑nis tha tairbhe na talmhainn airson nan uile: riaraichear an rìgh fhèin as an fhearann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan