Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus os cionn ionmhasan an rìgh bha Asmabhet mac Adieil: agus os cionn nan taigh-tasgaidh anns na machraichean, anns na mòr-bhailtean, agus anns na frith-bhailtean, agus anns na tùran, bha Iehonatan mac Udsiah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich e ri chèile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bha ann an tìr na h‑Eiphit; agus thaisg e suas biadh anns na bailtean: biadh fearann gach baile, a bha mun cuairt air, thaisg e suas ann.

Abialbon an t‑Arbatach, Asmabhet am Barhumach,

Agus thug Heseciah dha an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh.

Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu robh air a shon seo fearg an aghaidh Israeil; cha mhò a chuireadh sìos an uimhir ann an àireamh eachdraidh rìgh Dhaibhidh.

Agus os an cionn-san a rinn obair na machrach, ann an treabhadh an fhearainn, bha Esri mac Cheluib.

Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.

An sin thug cinn nan athraichean agus uachdarain treubhan Israeil, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, maille ris an luchd-riaghlaidh os cionn obair an rìgh, tabhartasan uapa gu toileach,

An sin thug Asa a‑mach airgead agus òr à ionmhasan taigh an Tighearna agus taigh an rìgh, agus chuir e teachdairean gu Benhadad rìgh Shiria a bha a chòmhnaidh an Damascas, ag ràdh,

Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas.

Uime sin chuir iad maighistirean-obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean-ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.

Ach fhuaireadh nam measg deichnear fhear a thubhairt ri Ismael, Na marbh sinne: oir tha ionmhasan againn anns a’ mhachair, de chruithneachd, agus de eòrna, agus de ola, agus de mhil. Mar sin sguir e, agus cha do mharbh e iad am measg am bràithrean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan