Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 27:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Os bàrr, os cionn treubhan Israeil: b’e ceannard nan Reubeneach, Elièser mac Shichri: nan Simeonach, Sephatiah mac Mhaachah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah.

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Mic Lèah: Reuben ciad-ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;

B’e an dara-ceannard-deug, fa chomhair an dara-mìos-deug, Heldai an Netophatach o Otniel: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

Ceannard nan Lèbhitheach, Hasabiah mac Chemueil: ceannard nan Aaronach, Sadoc:

Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.

A‑nis is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit; thàinig gach duine agus a theaghlach maille ri Iàcob:

B’iad sin daoine ainmeil a’ cho-chruinneachaidh, cinn-fheadhna treubhan an athraichean, ceannardan mhìltean ann an Israel.

Agus is iad seo ainmean nan daoine a sheasas maille ribh: De threubh Reubein: Elisur mac Shedeuir.

A‑nis b’e ainm an Israelich a mharbhadh, eadhon a mharbhadh maille ris a’ bhan-Mhidianaich, Simri mac Shalu, ceannard prìomh thaighe am measg nan Simeonach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan