B’e an dara-ceannard-deug, fa chomhair an dara-mìos-deug, Heldai an Netophatach o Otniel: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.
Heleb mac Bhaanah, an Netophatach, Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniàmin.
Maharari an Netophatach, Heled mac Bhaanah an Netophatach,
B’e an t‑aon-cheannard-deug, fa chomhair an aon-mhìos-deug, Benaiah am Piratonach de chloinn Ephraim: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.
Os bàrr, os cionn treubhan Israeil: b’e ceannard nan Reubeneach, Elièser mac Shichri: nan Simeonach, Sephatiah mac Mhaachah:
Agus mic Chenais: Otniel, agus Seraiah: agus mic Otnieil: Hatat.
Agus ghlac Otniel, mac Chenais, bràthair Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.
Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas fear-saoraidh do chloinn Israeil, a shaor iad, eadhon Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib.