Amiel an siathamh, Isachar an seachdamh, Peultai an t‑ochdamh: oir bheannaich Dia e.
Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.
Agus dh’fhan àirc Dhè maille ri teaghlach Obed-edoim na thaigh trì mìosan. Agus bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bha aige.
Agus mic Obed-edoim: Semaiah an ciad-ghin, Iehosabad an dara, Ioah an treasa, agus Sacar an ceathramh, agus Netaneel an còigeamh,
Agus do Shemaiah a mhac rugadh mic, a bha a’ riaghladh taigh an athar: oir bu daoine treuna iad.
Is beannaichte gach neach air am bi eagal an Tighearna, a ghluaiseas na shlighean.