Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.
Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.
Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean.
Agus bha Sebaniah, agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elièser na sagartan, a’ sèideadh leis na trompaidean ro àirc Dhè: agus bha Obed-edom agus Iehiah nan luchd-gleidhidh doras na h‑àirce.
Aspah an ceann, agus na dhèidh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim: