1 Eachdraidh 26:32Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad nan luchd-riaghlaidh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth-threubh Mhanaseh, anns gach nì a bhuineadh do Dhia, agus ann an gnothaichean an rìgh. Faic an caibideil |
A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd-riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir-mìle-fichead fear.
Agus, feuch, tha Amariah an t‑àrd-shagart os ur cionn ann an uile ghnothaichean an Tighearna; agus Sebadiah mac Ismaeil na cheannard air taigh Iùdah ann an uile ghnothaichean an rìgh; agus na Lèbhithich nan luchd-riaghlaidh nur fianais. Bithibh misneachail, agus dèanaibh; agus bidh an Tighearna maille ris a’ mhath.