Agus gach uile nì a choisrig Samuel am fear-seallaidh, agus Saul mac Chis, agus Abner mac Neir, agus Ioab mac Sheruiah; agus ge bè neach a choisrig nì air bith, bha sin fo làimh Shelomit agus a bhràithrean.
Bha iad cuideachd os cionn an luchd-iomchair eallach, agus nan luchd-amhairc thairis orrasan uile a rinn obair ann an gnè seirbhis air bith; agus de na Lèbhithich bha sgrìobhaichean, agus riaghladairean, agus dorsairean.
Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach.
Ma dh’èireas cùis a bhios ro‑chruaidh ort ann am breitheanas, eadar fuil agus fuil, eadar breith agus breith, agus eadar buille agus buille, eadhon cùisean connspaid an taobh a‑staigh ded gheatachan; an sin èiridh tu, agus thèid thu suas don ionad a thaghas an Tighearna do Dhia:
Agus thig thu a‑chum nan sagart, nan Lèbhitheach, agus a‑chum a’ bhritheimh a bhios anns na làithean sin, agus fiosraichidh tu; agus nochdaidh iad dhut facal a’ bhreitheanais: