Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 26:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

As na cathan agus as na creachan choisrig iad tabhartasan a chàradh taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus ris an òr a choisrig e o na h‑uile chinnich a cheannsaich e;

Ach thug iad e don luchd-obrach, agus chàraich iad leis taigh an Tighearna.

Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec.

B’e Selomit seo agus a bhràithrean, a bha os cionn uile ionmhasan nan nithean coisrigte, a choisrig Daibhidh an rìgh, agus cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus ceannardan an t‑slòigh.

Agus gach uile nì a choisrig Samuel am fear-seallaidh, agus Saul mac Chis, agus Abner mac Neir, agus Ioab mac Sheruiah; agus ge bè neach a choisrig nì air bith, bha sin fo làimh Shelomit agus a bhràithrean.

Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair: an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na h‑innealan uile, chuir e am measg ionmhasan taigh Dhè.

Ach tha an t‑airgead uile, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, coisrigte don Tighearna: thig iad a‑steach do ionmhas an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan