Mic Iehieli: Setam, agus Ioel a bhràthair, a bha os cionn ionmhasan taigh an Tighearna.
Mic Laadain: Iehiel an ceann, agus Setam, agus Ioel, triùir.
Agus de na Lèbhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan taigh Dhè, agus os cionn ionmhasan nan nithean naomha.
A‑thaobh mic Laadain: mic a’ Ghersonaich Laadan, prìomh-athraichean, eadhon o Laadan an Gersonach bha Iehieli.
De na Hamramaich, de na h‑Idsaraich, de na Hebronaich, agus de na h‑Udsielich.
Agus ge bè aig an d’fhuaireadh clachan luachmhor, thug iad seachad iad do ionmhas taigh an Tighearna, le làimh Iehieil an Gersonach.
Agus bidh an sagart, mac Aaroin, maille ris na Lèbhithich, nuair a thogas na Lèbhithich suas leo deicheamh an deichimh gu taigh ar Dè, a‑steach do na seòmraichean, do thaigh an ionmhais: