Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 26:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thilg iad croinn, am beag cho math ris a’ mhòr, a rèir taigh an athraichean, airson gach geata.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chuir iad sin mar an ceudna crannchur fa chomhair am bràithrean mic Aaroin, am fianais Dhaibhidh an rìgh, agus Shadoic, agus Ahimeleich, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach, eadhon cinn nan athraichean fa chomhair am bràithrean a b’òige.

Agus roinneadh iad le crannchur, iad seo leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naoimh, agus uachdarain nam britheamh, de mhic Eleàsair agus de mhic Itamair.

Agus chuir iad crannchur, buidheann an aghaidh buidhne, am beag cho math ris a’ mhòr, an t‑oid-ionnsachaidh cho math ris an fhòghlamach.

Dhiubh sin bha roinnean nan dorsairean, eadhon de na prìomh-dhaoine a bha ri faire fa chomhair am bràithrean, gu frithealadh ann an taigh an Tighearna.

Agus thuit an crannchur a làimh na h‑àird an ear air Selemiah: agus thilg iad croinn airson a mhic Sechariah, comhairliche glic, agus thàinig a chrannchur-san a‑mach mu thuath.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan