Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 25:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig an ciad chrannchur a‑mach air Asaph, do Iòseph; an dara do Ghedaliah, dha fhèin agus da bhràithrean, agus da mhic, dà‑fhear-dheug:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean.

Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:

An treasa do Shachur, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

Agus chuir iad crannchur, buidheann an aghaidh buidhne, am beag cho math ris a’ mhòr, an t‑oid-ionnsachaidh cho math ris an fhòghlamach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan