Agus b’e an àireamh maille rim bràithrean, a fhuair ionnsachadh air laoidhean an Tighearna, eadhon iadsan uile a bha tùrail, dà cheud, ceithir-fichead agus ochdnar.
Eadhon maille riùsan Heman agus Iedutun le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh fuaim, agus le innealan-ciùil Dhè: agus bha mic Iedutuin nan dorsairean.
Agus rinn na daoine an obair gu fìrinneach: agus b’iad an luchd-amhairc thairis orra Iahat agus Obadiah, na Lèbhithich, de mhic Mherari; agus Sechariah agus Mesulam, de mhic nan Cohatach, a chur na h‑obrach air a h‑aghaidh; mar an ceudna de na Lèbhithich gach neach a bha eòlach air innealan-ciùil.