Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 25:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha iad seo uile fo làimh an athar, fa chomhair laoidhean taigh Dhè, le ciombalan, saltairean, agus clàrsaichean, a‑chum seirbhis taigh Dhè, fo làimh an rìgh, Asaiph, Hemain, agus Iedutuin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal-ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan.

Agus rinn an rìgh den fhiodh almuig puist do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, clàrsaichean mar an ceudna agus saltairean don luchd-ciùil: cha tàinig a leithid seo de fhiodh almuig, agus chan fhacas a leithid gus an là‑an‑diugh.)

Agus labhair Daibhidh ri uachdarain nan Lèbhitheach, am bràithrean òrdachadh a bhith nan luchd-ciùil le innealan-ciùil, saltairean, agus clàrsaichean, agus ciombalan, a’ dèanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le aoibhneas.

Agus bha an luchd-ciùil, Hemen, Asaph, agus Etan, gu fuaim a dhèanamh le ciombalan umha;

Agus bha Cenaniah, uachdaran de na Lèbhithich, fa chomhair na laoidh: sheòl e mu thimcheall na laoidh, a chionn gu robh e eòlach.

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Agus thàinig iad gu Ierusalem le saltairean, agus le clàrsaichean, agus le trompaidean, a dh’ionnsaigh taigh an Tighearna.

Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd-seinn le innealan-ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill!

Agus de mhic Elisaphain, Simri agus Iehiel: agus de mhic Asaiph, Sechariah agus Mataniah:

Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.

Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin.

Agus cinn nan Lèbhitheach: Hasabiah, Serebiah, agus Iesua mac Chadmieil, agus am bràithrean thall fan comhair, a mholadh agus a thabhairt buidheachais a rèir àithne Dhaibhidh òglach Dhè, faire fa chomhair faire.

Oir ann an làithean Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd-seinn, agus air na laoidhean molaidh agus buidheachais do Dhia.

Dh’imich an luchd-seinn air thoiseach, an luchd-ciùil nan dèidh, am meadhon mhaighdeann a’ bualadh thiompan.

A’ labhairt ribh fhèin ann an sailm, ann an laoidhean, agus ann an dàin spioradail, a’ seinn agus a’ dèanamh ciùil nur cridhe don Tighearna:

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan