B’iad sin uile mic Hemain, fear-seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir-mic-dheug agus trì nigheanan.
Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor dod sheirbhiseach.
O Heman: mic Hemain: Buciah, Mataniah, Udsiel, Sebuel, agus Ierimot, Hananiah, Hanani, Eliatah, Gidalti, agus Romamti-esder, Iosbecasah, Maloti, Hotir, Mahasiot:
Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.
Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.
Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.
(O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)