1 Eachdraidh 25:3Am Bìoball Gàidhlig 1992O Iedutun: mic Iedutuin: Gedaliah, agus Seri, agus Iesaiah, agus Simei, agus Hasabiah, agus Matitiah, sianar fo làimh an athar Iedutun, a bha ri fàidheadaireachd le clàrsaich a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna. Faic an caibideil |
Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.