Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 25:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

46 Iomraidhean Croise  

Agus rinn an rìgh den fhiodh almuig puist do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, clàrsaichean mar an ceudna agus saltairean don luchd-ciùil: cha tàinig a leithid seo de fhiodh almuig, agus chan fhacas a leithid gus an là‑an‑diugh.)

Ach a‑nis thugaibh am ionnsaigh fear-ciùil. Agus nuair a bha am fear-ciùil a’ cluich, bha làmh an Tighearna air.

Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead.

Agus chluich Daibhidh agus Israel uile am fianais Dhè len uile neart, eadhon le laoidhean, agus le clàrsaichean, agus le saltairean, agus le tiompanan, agus le ciombalan, agus le trompaidean.

Mar seo thug Israel uile suas àirc coicheangal an Tighearna le iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhaill, agus le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh co‑sheirm le saltairean agus clàrsaichean.

Agus chruinnich e an ceann a chèile ceannardan Israeil uile, agus na sagartan agus na Lèbhithich.

De mhic Asaiph: Sachur, agus Iòseph, agus Netaniah, agus Asarelah, mic Asaiph, fo làimh Asaiph, a bha ri fàidheadaireachd a rèir àithne an rìgh.

O Iedutun: mic Iedutuin: Gedaliah, agus Seri, agus Iesaiah, agus Simei, agus Hasabiah, agus Matitiah, sianar fo làimh an athar Iedutun, a bha ri fàidheadaireachd le clàrsaich a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna.

Agus thàinig an ciad chrannchur a‑mach air Asaph, do Iòseph; an dara do Ghedaliah, dha fhèin agus da bhràithrean, agus da mhic, dà‑fhear-dheug:

Mic Lèbhi: Gersom, Cohat, agus Merari.

Agus is iad seo iadsan a bha a’ feitheamh, len cloinn: de mhic nan Cohatach, Heman am fear-ciùil, mac Ioeil, mhic Shemueil,

Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis), eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea,

Agus am bràithrean mic Mherari air an làimh chlì: Etan mac Chisi, mhic Abdi, mhic Mhaluich,

Agus is iad sin luchd-ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair-san.

Agus anns an t‑seachdamh bliadhna neartaich Iehoiada e fhèin, agus ghabh e na ceannardan-cheud, Asariah mac Ierohaim, agus Ismael mac Iehohanain, agus Asariah mac Obeid, agus Maaseiah mac Adaiah, agus Elisaphat mac Shichri, a‑steach ann an coicheangal ris.

Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd-seinn le innealan-ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill!

Agus shuidhich Iehoiada luchd-riaghlaidh taigh an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lèbhitheach, a roinn Daibhidh ann an taigh an Tighearna, a‑chum ìobairtean-loisgte an Tighearna ìobradh, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, le gàirdeachas agus le seinn, a rèir òrdagh Dhaibhidh.

Agus thug Iehoiada an sagart do na ceannardan-cheud sleaghan, agus sgiathan, agus targaidean, a bha aig rìgh Daibhidh, a bha ann an taigh Dhè.

Agus de mhic Elisaphain, Simri agus Iehiel: agus de mhic Asaiph, Sechariah agus Mataniah:

Agus de mhic Hemain, Iehiel agus Simei: agus de mhic Iedutuin, Semaiah agus Udsiel.

Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt-loisgte, agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna:

Agus rinn na daoine an obair gu fìrinneach: agus b’iad an luchd-amhairc thairis orra Iahat agus Obadiah, na Lèbhithich, de mhic Mherari; agus Sechariah agus Mesulam, de mhic nan Cohatach, a chur na h‑obrach air a h‑aghaidh; mar an ceudna de na Lèbhithich gach neach a bha eòlach air innealan-ciùil.

Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.

An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);

Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.

An luchd-seinn: Mic Asaiph, ceud, fichead agus a h‑ochd.

Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois.

Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin.

Agus cinn nan Lèbhitheach: Hasabiah, Serebiah, agus Iesua mac Chadmieil, agus am bràithrean thall fan comhair, a mholadh agus a thabhairt buidheachais a rèir àithne Dhaibhidh òglach Dhè, faire fa chomhair faire.

Agus aig coisrigeadh balla Ierusaleim dh’iarr iad na Lèbhithich as an àitean uile, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem, a chumail a’ choisrigidh le aoibhneas, agus le breith-buidheachais, agus le seinn, le ciombalan, saltairean, agus le clàrsaichean.

Glacaibh salm, agus thugaibh tiompan leibh; a’ chlàrsach bhinn maille ris an t‑saltair.

Anns a’ ghealaich nuaidh sèidibh an trompaid, anns an àm shuidhichte, air là ar fèille.

Agus thug e mi a‑chum a’ gheata-staigh; agus, feuch, an sin bha dà sheòmar anns a’ chùirt a‑staigh; aon air taobh tuath a’ gheata, ag amharc ris an àird a deas, agus an t‑aon eile air taobh deas a’ gheata, ag amharc ris an àird a tuath.

Na dhèidh sin thig thu gu cnoc Dhè, far a bheil freiceadain nam Philisteach: agus tàrlaidh, nuair a thig thu an sin don bhaile, gun coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a‑nuas on ionad àrd, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach romhpa, agus iad ri fàidheadaireachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan