Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 24:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sgrìobh Semaiah mac Netaneeil an sgrìobhaiche, duine de na Lèbhithich, iad, am fianais an rìgh, agus nan uachdaran, agus Shadoic an sagart, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach; aon phrìomh-thaigh air a ghabhail airson Eleàsair, agus aon air a ghabhail airson Itamair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Elihoreph agus Ahiah mic Shisa, sgrìobhaichean: Iehosaphat mac Ahiluid, an seanchaidh:

Agus Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan; agus Sabhsa na sgrìobhaiche;

B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn.

Agus chuir iad sin mar an ceudna crannchur fa chomhair am bràithrean mic Aaroin, am fianais Dhaibhidh an rìgh, agus Shadoic, agus Ahimeleich, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach, eadhon cinn nan athraichean fa chomhair am bràithrean a b’òige.

Agus thàinig a’ chiad chrann a‑mach do Iehoiarib, an dara do Iedaiah,

Bha iad cuideachd os cionn an luchd-iomchair eallach, agus nan luchd-amhairc thairis orrasan uile a rinn obair ann an gnè seirbhis air bith; agus de na Lèbhithich bha sgrìobhaichean, agus riaghladairean, agus dorsairean.

Chaidh Esra seo suas o Bhàbilon, agus e na sgrìobhaiche deas ann an lagh Mhaois, a thug an Tighearna, Dia Israeil, seachad: agus thug an rìgh dha a iarrtas uile, a chionn gu robh làmh an Tighearna a Dhia air.

Agus chruinnich an sluagh uile an ceann a chèile mar aon duine don t‑sràid a tha fa chomhair geata an uisge: agus dh’iarr iad air Esra an sgrìobhaiche e a thoirt an làthair leabhar lagh Mhaois, a dh’àithn an Tighearna do Israel.

Agus thubhairt esan riu, Air an adhbhar sin, gach uile sgrìobhaiche a tha fòghlaimte a‑chum rìoghachd nèimh, is cosmhail e ri fear-taighe, a bheir a‑mach as ionmhas nithean nuadh agus sean.

Agus thàinig sgrìobhaiche àraidh, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, leanaidh mise thu, ge bè taobh a thèid thu.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd-shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan