Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 24:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuaireadh mic Eleàsair na bu lìonmhoire nam prìomh-dhaoine na mic Itamair; agus mar seo roinneadh iad: De mhic Eleàsair bha sia prìomh-dhaoine-deug, a rèir taigh an athraichean; agus de mhic Itamair ochdnar, a rèir taigh an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn.

Agus roinn Daibhidh iad, araon Sadoc de mhic Eleàsair, agus Ahimelech de mhic Itamair, a rèir an àireamh nan seirbhis.

Agus roinneadh iad le crannchur, iad seo leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naoimh, agus uachdarain nam britheamh, de mhic Eleàsair agus de mhic Itamair.

Agus dh’àithn Solamh do Israel uile, do na ceannardan mhìltean agus cheud, agus do na britheamhan, agus do gach uachdaran air Israel uile, cinn nan athraichean.

Agus ann an làithean Ioiacim bha sagartan, cinn nan athraichean: o Sheraiah, Meraiah: o Ieremiah, Hananiah:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan