1 Eachdraidh 24:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus roinn Daibhidh iad, araon Sadoc de mhic Eleàsair, agus Ahimelech de mhic Itamair, a rèir an àireamh nan seirbhis. Faic an caibideil |
Agus sgrìobh Semaiah mac Netaneeil an sgrìobhaiche, duine de na Lèbhithich, iad, am fianais an rìgh, agus nan uachdaran, agus Shadoic an sagart, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach; aon phrìomh-thaigh air a ghabhail airson Eleàsair, agus aon air a ghabhail airson Itamair.
Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.