A‑thaobh Rehabiah: de mhic Rehabiah, an ciad fhear Isiah.
Agus b’iad mic Elièseir: Rehabiah an ceann. Agus cha robh aig Elièser mic sam bith eile; ach bha mic Rehabiah ro‑lìonmhor.
Agus a‑thaobh a’ chuid eile de mhic Lèbhi: de mhic Amraim: Subael: de mhic Shubaeil: Iehdeiah.
De na h‑Itsaraich: Selomot: de mhic Shelomoit: Iahat.
Agus a bhràithrean le Elièser: Rehabiah a mhac, agus Iesaiah a mhac-san, agus Ioram a mhac-san, agus Sichri a mhac-san, agus Selomit a mhac-san.
Agus mic Udsi: Israhiah: agus mic Israhiah: Michael, agus Obadiah, agus Ioel, agus Isiah, còignear; iad uile nan cinn-taighe.