Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh.
Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.
Agus labhair Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic a dh’fhan beò, Gabhaibh an tabhartas-bìdh a dh’fhàgadh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine, agus ithibh e gun ghortachadh làimh ris an altair; oir tha e ro‑naomh.
Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.
Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs an làthair an Tighearna, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna, ann am fàsach Shinài, agus cha robh clann aca: agus fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt, ann an sealladh Aaroin an athair.