Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 24:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

B’e sin an àireamh a rèir an seirbhis a‑chum teachd a‑steach do thaigh an Tighearna, a rèir an gnàtha, fo làimh Aaroin an athair, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus is iad seo roinnean mic Aaroin. Mic Aaroin: Nàdab, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar.

An treas-ar‑fhichead do Dhelaiah, an ceathramh-ar‑fhichead do Mhaasiah.

Agus a‑thaobh a’ chuid eile de mhic Lèbhi: de mhic Amraim: Subael: de mhic Shubaeil: Iehdeiah.

Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah,

Agus am bràithrean nam frith-bhailtean, gu teachd an dèidh seachd làithean o àm gu àm maille riu.

Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid de na sagartan agus de na Lèbhithich nan luchd-gleidhidh nan doras;

Agus rinn na Lèbhithich, agus Iùdah uile, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear a dhaoine fhèin a bha gu teachd a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha gu dol a‑mach air an t‑sàbaid; oir cha do leig Iehoiada an sagart air falbh na roinnean.

Agus thàrladh, am feadh a bha esan a’ frithealadh mar shagart an làthair Dhè ann an òrdagh a chùrsa,

Dèanar na h‑uile nithean gu deagh-mhaiseach, agus a rèir òrdaigh.

A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan