Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus rinn an rìgh den fhiodh almuig puist do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, clàrsaichean mar an ceudna agus saltairean don luchd-ciùil: cha tàinig a leithid seo de fhiodh almuig, agus chan fhacas a leithid gus an là‑an‑diugh.)

Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad.

Agus Obed-edom, agus am bràithrean, ochd agus trì-fichead: Obed-edom mar an ceudna, mac Iedutuin, agus Hosah, nan dorsairean:

Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil:

Agus a‑chum seasamh gach madainn a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar;

Agus is iad sin luchd-ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair-san.

Agus thàinig iad gu Ierusalem le saltairean, agus le clàrsaichean, agus le trompaidean, a dh’ionnsaigh taigh an Tighearna.

Bha iad cuideachd os cionn an luchd-iomchair eallach, agus nan luchd-amhairc thairis orrasan uile a rinn obair ann an gnè seirbhis air bith; agus de na Lèbhithich bha sgrìobhaichean, agus riaghladairean, agus dorsairean.

Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.

Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.

Agus chaidh cuid de chloinn Israeil, agus de na sagartan, agus de na Lèbhithich, agus den luchd-seinn, agus de na dorsairean, agus de na Netinich, suas gu Ierusalem, anns an t‑seachdamh bliadhna de Artacsercses an rìgh.

Agus ghabh na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus cuid den t‑sluagh, agus na Netinich, agus Israel uile, còmhnaidh nam bailtean; agus nuair a thàinig an seachdamh mìos, bha clann Israeil nam bailtean.

Bidh araon luchd-seinn agus luchd-ciùil an sin; tha mo thobraichean uile annadsa.

Dh’fhàs do bhailtean naomha nam fàsach; tha Sion na fàsach; tha Ierusalem faondrach.

A tha a’ seinn do fhuaim na clàrsaich; a tha cosmhail ri Daibhidh, a’ dealbh dhaibh fhèin innealan-ciùil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan