Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑chum gun gleidheadh iad cùram pàillean a’ choitheanail, agus cùram an ionaid naoimh, agus cùram mic Aaroin, am bràithrean, ann an seirbhis taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus pàillean a’ choitheanail, agus an t‑uidheam naomh uile a bha anns a’ phàillean; eadhon iad sin thug na sagartan agus na Lèbhithich suas.

Agus bha iad a’ gabhail tàimh mun cuairt air taigh Dhè, a chionn gum b’ann orrasan a bha a chùram, agus gum buineadh dhaibh a fhosgladh gach madainn.

Ach nì mi iad nan luchd-coimhead cùram an taighe, airson a uile sheirbhis, agus airson gach uile nì a bhios ri dhèanamh ann.

Ach suidhichidh na Lèbhithich am bùthan mun cuairt air pàillean na Fianais; a‑chum is nach bi corraich air co‑chruinneachadh chloinn Israeil, agus gleidhidh na Lèbhithich cùram pàillean na Fianais.

Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid naoimh, agus cùram na h‑altarach; a‑chum is nach bi fearg nas mò air cloinn Israeil.

Ach iadsan a champaicheas air beulaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an ear, eadhon air beulaibh pàillean a’ choitheanail leth ri èirigh na grèine, is iad Maois, agus Aaron, agus a mhic, a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh, airson cùram chloinn Israeil; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.

Ach frithealaidh iad maille rim bràithrean ann am pàillean a’ choitheanail a ghleidheadh a’ chùraim, agus cha dèan iad seirbhis sam bith eile. Mar seo nì thu ris na Lèbhitich a‑thaobh an cùraim.

An sin frithealaidh e ann an ainm an Tighearna a Dhia, mar a bhràithrean uile na Lèbhithich, a tha nan seasamh an sin an làthair an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan