1 Eachdraidh 23:31Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus a‑chum gach ìobairt-loisgte a thoirt suas don Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha, agus air na fèillean suidhichte, ann an àireamh, a rèir na riaghailt a dh’àithneadh dhaibh a‑ghnàth an làthair an Tighearna. Faic an caibideil |
Agus nuair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh den airgead an làthair an rìgh agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean dheth do thaigh an Tighearna, soithichean-frithealaidh nan ìobairtean-loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte a‑ghnàth ann an taigh an Tighearna, rè uile làithean Iehoiada.
Mar an ceudna ann an là ur subhachais, agus nur n‑àrd làithean fèille, agus ann an toiseach ur mìosan, sèididh sibh leis na trompaidean os cionn ur n‑ìobairtean-loisgte, agus os cionn ìobairtean ur tabhartas-sìthe; agus bidh iad dhuibh mar chuimhneachan an làthair ur Dè; Is mise an Tighearna ur Dia.