Agus dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois deich-bliadhna-fichead agus os a chionn: agus b’e an àireamh air an cinn, duine air dhuine, ochd-mìle-deug ar fhichead.
B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn.
A thuilleadh air àireamh nam fireannach a rèir an ginealaichean o thrì bliadhna a dh’aois agus os a chionn, do gach neach a thèid a‑steach do thaigh an Tighearna, a chuibhreann làitheil, airson an seirbhis nan cùram, a rèir an roinnean;
Is e seo an nì a bhuineas do na Lèbhitich: o chòig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus os a chionn, thèid iad a‑steach a dh’fheitheamh air seirbhis pàillean a’ choitheanail: