Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne a‑chum tabhartais-bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo-ghortaichte, agus fa chomhair nan nithean a dheasaichear anns an aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh an Tighearna: an altair de òr, agus am bòrd, air an robh aran na fianais, de òr:

A chionn gum b’e an dreuchd-san a bhith fo làimh mic Aaroin, fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna, anns na cùirtean, agus anns na seòmraichean, agus ann an glanadh nan uile nithean naomha, agus ann an obair seirbhis taigh Dhè;

Agus a‑chum seasamh gach madainn a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar;

Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.

An sin chaidh iad a‑steach a dh’ionnsaigh Heseciah an rìgh, agus thubhairt iad, Ghlan sinn taigh an Tighearna uile, agus altair na h‑ìobairt-loisgte maille ra soithichean uile, agus bòrd an arain thaisbeanta maille ra shoithichean uile.

Airson an arain thaisbeanta, agus airson an tabhartas-bhìdh ghnàthaichte, agus airson ìobairt-loisgte ghnàthaichte nan sàbaid agus nan gealach nodha, airson nam fèill suidhichte, agus airson nan nithean naomha, agus airson nan ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite airson Israeil, agus airson uile obair taigh ar Dè.

Agus cuiridh tu air a’ bhòrd aran taisbeanta romhamsa an còmhnaidh.

Agus buinidh an tabhartas-bìdh uile a dh’fhuinear ann an àmhainn, agus gach nì a dheasaichear ann an aghann-ròstaidh, agus ann am mèis, don t‑sagart a bheir seachad e.

O chiad-ghin chloinn Israeil ghabh e an t‑airgead: mìle trì cheud agus trì-fichead agus còig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?

Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan