1 Eachdraidh 23:28Am Bìoball Gàidhlig 1992A chionn gum b’e an dreuchd-san a bhith fo làimh mic Aaroin, fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna, anns na cùirtean, agus anns na seòmraichean, agus ann an glanadh nan uile nithean naomha, agus ann an obair seirbhis taigh Dhè; Faic an caibideil |
Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt-loisgte, agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna:
An sin thubhairt e rium, Na seòmraichean mu thuath, agus na seòmraichean mu dheas, a tha fa chomhair an ionaid air leth, is seòmraichean naomh iad, far an ith na sagartan a thig dlùth don Tighearna an nithean as ro‑naoimhe: an sin cuiridh iad na nithean as ro‑naoimhe, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-easaontais; oir tha an t‑ionad naomh.