Agus on àm anns an d’àithn mi britheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israel: agus bheir mi dhut fois od naimhdean gu lèir. Mar an ceudna tha an Tighearna ag innse dhut gun dèan an Tighearna taigh dhut.
Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise?
Nach eil an Tighearna ur Dia maille ribh? Agus nach tug e dhuibh suaimhneas air gach taobh? Oir thug e luchd-àiteachaidh na tìre am làimh-sa; agus tha an tìr air a cìosnachadh ron Tighearna, agus ro a shluagh.
Agus shuidhich Iehoiada luchd-riaghlaidh taigh an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lèbhitheach, a roinn Daibhidh ann an taigh an Tighearna, a‑chum ìobairtean-loisgte an Tighearna ìobradh, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, le gàirdeachas agus le seinn, a rèir òrdagh Dhaibhidh.
Chaidh thu suas air ionad àrd, thug thu bruid ann am braighdeanas; thug thu tìodhlacan do dhaoine, seadh, eadhon do dhaoine ceannairceach, a‑chum gun gabhadh an Tighearna còmhnaidh nam measg.
Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thill mise gu Sion, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann an Ierusalem; agus goirear ri Ierusalem, Baile fìrinn, agus ri sliabh Tighearna nan sluagh, Sliabh naomh.
Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.
Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.