Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ieremot, triùir.

Oir le briathran deireannach Dhaibhidh dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois fichead bliadhna agus os a chionn:

Agus dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois deich-bliadhna-fichead agus os a chionn: agus b’e an àireamh air an cinn, duine air dhuine, ochd-mìle-deug ar fhichead.

Araon do àireamh nan sagart a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, agus nan Lèbhitheach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, nan cùram, a rèir an roinnean:

Agus anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd gu taigh Dhè aig Ierusalem, anns an dara mìos, thòisich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus fuidheall am bràithrean, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus iadsan uile a thàinig on bhraighdeanas gu Ierusalem; agus dh’òrdaich iad na Lèbhithich, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a chur obair taigh an Tighearna air a h‑aghaidh.

A‑nis nuair a thogadh am balla, agus a chuir mi suas na còmhlachan, agus a dh’òrdaicheadh na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus na Lèbhithich,

Agus thionail iad an co‑chruinneachadh uile an ceann a chèile air a’ chiad là den dara mìos, agus chuir iad an cèill an ginealaichean a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus thairis, a rèir an ceann.

De chloinn Shimeoin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nan ainmean a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;

Agus thugadh a‑nuas am pàillean; agus chaidh mic Ghersoin agus mic Mherari air an aghaidh, a’ giùlan a’ phàillein.

Agus chaidh na Cohataich air an aghaidh, a’ giùlan an ionaid naoimh, agus chuireadh suas am pàillean air cheann dhaibh teachd.

Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid naoimh, agus cùram na h‑altarach; a‑chum is nach bi fearg nas mò air cloinn Israeil.

Is iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean: b’iadsan uile a chaidh àireamh de na campannan, a rèir an armailtean, sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.

Àireamh clann Lèbhi a rèir taighean an athraichean, a rèir an teaghlaichean: gach fireannach o mhìos a dh’aois agus os a chionn àirmhidh tu iad.

Agus mic Mherari a rèir an teaghlaichean: Mahli, agus Musi: is iad sin teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir taighean an athraichean.

Gabhaidh tu eadhon còig seceil am fear air an ceann; a rèir secel an ionaid naoimh gabhaidh tu iad: is e an secel fichead gerah.

O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, gu leth-ceud bliadhna a dh’aois àirmhidh tu iad; gach neach a thèid a‑steach a dhèanamh na seirbhis, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.

O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach neach a thèid a‑steach don armailt, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.

Is e seo an nì a bhuineas do na Lèbhitich: o chòig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus os a chionn, thèid iad a‑steach a dh’fheitheamh air seirbhis pàillean a’ choitheanail:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan